#taghta — Public Fediverse posts
Live and recent posts from across the Fediverse tagged #taghta, aggregated by home.social.
-
Taghta: Reactaran Sgoil MhicNeacail
Le Sgoil MhicNeacail a' comharrachadh gu bheil i 150 bliadhna a dh'aois, tha Dòmhnall Moireasdan air a bhith a' còmhradh ri Niall Bartlett mu chuid de reactaran ainmeil na sgoile.
-
BBC: Eòrpa: Cabhag an 'Òir Ghil' #gàidhlig #taghta @gaidhlig http://www.bbc.co.uk/programmes/p0jsqdht Andreas Wolff ag aithris à coimhearsnachdan am Portugal is Czechia far a bheil mèinnearachd liteam an ìmpis tòiseachadh.
-
BBC: Eòrpa: Suas leis a’ Ghàidhlig? #gàidhlig #taghta @gaidhlig http://www.bbc.co.uk/programmes/p0jm3dbx Tha Sgioba Eòrpa a' deasbad suidheachadh na Gàidhlig às dèidh do dh'àireamhan a' chunntais-shluaigh tighinn a-mach nas tràithe am-bliadhna.
-
BBC: Eòrpa: Na Canàraich a’ cur thairis? #gàidhlig #taghta @gaidhlig http://www.bbc.co.uk/programmes/p0j71xlb Darren Laing a' còmhradh ri Ailean Peutan is Iain MacDiarmaid is connspaid anns na Canàraich mu bhuaidh turasachd air an àite.
-
BBC: Taghadh 2024: Cola-deug gu là an taghaidh #gàidhlig #taghta @gaidhlig http://www.bbc.co.uk/programmes/p0j5btmp Anndra MacFhionghain a’ bruidhinn ri Niall O’Gallagher agus Mìcheal MacNèill is cola-deug ann gu là an taghaidh.
-
BBC: Taghadh 2024: Letheach slighe tron iomairt #gàidhlig #taghta @gaidhlig http://www.bbc.co.uk/programmes/p0j48bkf Anndra MacFhionghain a' bruidhinn ri Darren Linc agus Mìcheal MacNèill mun Taghadh 2024.
-
BBC: Taghadh 2024: Toiseach na h-iomairt #gàidhlig #taghta @gaidhlig http://www.bbc.co.uk/programmes/p0j2v4lq Anndra MacFhionghain a' bruidhinn ri sgioba phoilitigeach BBC Naidheachdan is iomairt an taghaidh air tòiseachadh.
-
BBC: Eòrpa: Nagorno-Karabakh #gàidhlig #taghta @gaidhlig http://www.bbc.co.uk/programmes/p0j0y56q San t-Sultain, theich còrr is 100,000 neach à Nagorno-Karabakh - cha mhòr a' falamhachadh na sgìre. Tha sgioba Eòrpa air a bhith a' bruidhinn ri cuid de na fògarraich sin gus na cunntasan pearsanta aca fhaighinn. Sa phodcast seo tha an sgioba a' bruidhinn mun sgeulachd is a' togail air na cunntasan sin.
-
BBC: An Cunntas-sluaigh agus a' Ghàidhlig #gàidhlig #taghta @gaidhlig http://www.bbc.co.uk/programmes/p0j0rc3y Dòmhnall Moireasdan le sùil air cunntas-sluaigh 2022 is dealbh measgaichte airson na Gàidhlig.
-
BBC: Sgainneal na Fala Truaillte #gàidhlig #taghta @gaidhlig http://www.bbc.co.uk/programmes/p0hzrjbb Eadar an 1970n agus na 1990n chaidh 30,000 duine a ghannrachadh le Hepatitis C agus HIV an dèidh dhaibh stuthan fala fhaighinn bhon NHS. Cho-dhùin rannsachadh poblach, a mhair sia bliadhna, gun deach am fàiligeadh uair an dèidh uair le dotairean, an NHS agus riaghaltasan. Dhearbh Riaghaltas Westminster gun tèid sgeama airgead dìolaidh a chur an sàs agus gum faigh feadhainn a' chiad ch
-
BBC: RNLI nan Eilean @200 Pàirt 2 #gàidhlig #taghta @gaidhlig http://www.bbc.co.uk/programmes/p0hypk33 San dàrna podcast a’ comharrachadh 200 bliadhna den RNLI tha Shona NicDhòmhnaill còmhradh ri triùir aig a bheil dlùth-cheangal ri sgioba bhàta-teasairginn Bharraigh.
-
BBC: RNLI nan Eilean @200 Pàirt 1 #gàidhlig #taghta @gaidhlig http://www.bbc.co.uk/programmes/p0hyp71f Leis an RNLI a’ comharrachadh 200 bliadhna tha Dòmhnall Moireasdan a’ còmhradh ri feadhainn a bha agus a tha an sàs ann an sgioba bhàta-teasairginn an t-Òib.
-
BBC: Humza Yousaf air a dhreuchd fhàgail #gàidhlig #taghta @gaidhlig http://www.bbc.co.uk/programmes/p0hv4xxt Tha Anndra MacFhionghain a' toirt sùil air mar a tha Humza Yousaf air a dhreuchd mar Phrìomh Mhinistear fhàgail
-
BBC: Humza Yousaf air a dhreuchd fhàgail #gàidhlig #taghta @gaidhlig http://www.bbc.co.uk/programmes/p0hv4q9g Tha Anndra MacFhionghain a' toirt sùil air mar a tha Humza Yousaf air a dhreuchd mar Phrìomh Mhinistear fhàgail
-
BBC: Obair-lannsa mesh: Turas fada gu faochadh #gàidhlig #taghta @gaidhlig http://www.bbc.co.uk/programmes/p0hn4w4z Tha Taghta a' cluinntinn bho Chathleen NicLeòid a tha an-dràsta anns na Stàitean Aonaichte airson obair-lannsa a bheir aiste mesh, is i ag innse mar a thug an suidheachadh cruth-atharrachadh air a beatha.
-
BBC: Tidsearan Gàidhlig: Dùbhlain agus dòchas #gàidhlig #taghta @gaidhlig http://www.bbc.co.uk/programmes/p0hmh6hv Còmhradh leis an Oll Boyd Robasdan is figearan ùra air sealltainn nach robh àrdachadh idir san àireimh de thidsearan am FtMG sna bun-sgoiltean an-uiridh.
-
BBC: Sgainneal IT Horizon: Sgeulachd Anne Quarm #gàidhlig #taghta @gaidhlig http://www.bbc.co.uk/programmes/p0h4qvzf Tha Shona NicDhòmhnaill a' cluinntinn sgeulachd chumhachdach Anne, banntrach Bill Quarm, a chaidh a dhìteadh gu ceàrr an lùib sgainneal IT Horizon.
-
BBC: Ruaraidh MacThòmais #gàidhlig #taghta @gaidhlig http://www.bbc.co.uk/programmes/p0h4qlst Agallamh leis an Dtr Petra Johana Poncarová, ùghdar a' chiad làn-leabhar rannsachaidh mu dheidhinn Ruaraidh MacThòmais: 'Derick Thomson and the Gaelic Revival'.
-
BBC: 100 bliadhna de chraoladh Ghàidhlig #gàidhlig #taghta @gaidhlig http://www.bbc.co.uk/programmes/p0gxjp45 Taghta a' comharrachadh 100 bliadhna bho chaidh a' chiad phrògram Gàidhlig a chraoladh.
-
BBC: Mòdcast: Pàislig #gàidhlig #taghta @gaidhlig http://www.bbc.co.uk/programmes/p0gnyl6r Leis a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail air ais am Pàislig am-bliadhna, tha am Mòdcast againn air a bhith a' coimhead ri eachdraidh a' bhaile ann am beagan a bharrachd doimhneachd.
-
BBC: Mòdcast: Na buinn òir #gàidhlig #taghta @gaidhlig http://www.bbc.co.uk/programmes/p0gl9mcf Bha am Mòd ann am Pàislig aon turas ron seo, air ais ann an 2013. Tha am Mòdcast air a bhith a' bruidhinn ris an fheadhainn a bhuannaich na buinn òir bho chionn deich bliadhna.
-
BBC: Mòdcast 2023: Am Mòd air ais am Pàislig #gàidhlig #taghta @gaidhlig http://www.bbc.co.uk/programmes/p0gl1gt0 Dòmhnall Moireasdan a' còmhradh ri ceann-suidhe a' Chomuinn Ghàidhealaich, Magaidh Choineagan, is am Mòd air ais am Pàislig.
-
BBC: Sabhal Mòr Ostaig agus Slèite #gàidhlig #taghta @gaidhlig http://www.bbc.co.uk/programmes/p0gh97cj Tha Seumas Dòmhnallach a' bruidhinn ri Donaidh MacFhionghain, Iain Tormod MacLeòid, agus Nicola NicThòmais mun bhuaidh a th' air a bhith aig Sabhal Mòr Ostaig air Slèite
-
BBC: Stiùbhart MacRath Chonchra #gàidhlig #taghta @gaidhlig http://www.bbc.co.uk/programmes/p0gfw9jr Còmhradh mu Stiùbhart MacRath Chonchra, ceann-cinnidh Gàidhealach a chluich ball-coise do Shasainn is an eachdraidh teaghlaich a dh'fhàg gun do thachair sin.
-
BBC: Turas Johnson agus Boswell air Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan #gàidhlig #taghta @gaidhlig http://www.bbc.co.uk/programmes/p0g986pl Còmhradh leis an Dtr Dòmhnall Uilleam Stiùbhart mu thuras Samuel Johnson is Seumas Boswell timcheall na Gàidhealtachd 's nan Eilean bho chionn 250 bliadhna.
-
BBC: Turas Johnson agus Boswell air Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan #gàidhlig #taghta @gaidhlig http://www.bbc.co.uk/programmes/p0g95m5z Còmhradh leis an Dtr Dòmhnall Uilleam Stiùbhart mu thuras Samuel Johnson is Seumas Boswell timcheall na Gàidhealtachd 's nan Eilean bho chionn 250 bliadhna
-
BBC: Stèidheachadh GMA #gàidhlig #taghta @gaidhlig http://www.bbc.co.uk/programmes/p0fy6wx3 Tha fiosrachadh a chaidh a lorg às ùr ag innse gu bheil cluba iomain Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal nas sine na bha iad fhèin a' smaointinn. Tha Taghta a' bruidhinn ri ceann-suidhe a' chluba, Aonghas MacAonghais.
-
BBC: Eilthireachd: SS Metagama #gàidhlig #taghta @gaidhlig http://www.bbc.co.uk/programmes/p0fl03rk 100 bliadhna bho sheòl an SS Metagama à Steòrnabhagh, tha Dòmhnall Moireasdan ag aithris air buaidh na h-eilthireachd.
-
BBC: Eilthireachd: SS Marloch #gàidhlig #taghta @gaidhlig http://www.bbc.co.uk/programmes/p0fkxr8c 100 bliadhna bho sheòl an SS Marloch à Loch Baghasdail, tha Dòmhnall Moireasdan ag aithris air buaidh na h-eilthireachd.
-
BBC: MND #gàidhlig #taghta @gaidhlig http://www.bbc.co.uk/programmes/p0fdlmnl Gheibh mu 200 duine ann an Alba dearbhadh gach bliadhna gu bheil iad a' fulang le tinneas Motor Neurone no MND. Tha Shona NicDhòmhnaill air a bhith a' còmhradh ri Chrissie Laing ann an Uibhist a thaobh mar a tha ise a' dèiligeadh leis an tinneas.